A’ Frithealadh do na h-Eileanan Siar

Tha NHS nan Eilean Siar a’ tabhann raon farsaing de sheirbheisean èiginn, slàinte inntinn, bun-chùram agus coimhearsnachd.  Bheir am fiosrachadh agus na h-àireamhan gu h-àrd beachd air meud ar n-obrach.   

 

Tha aontaidhean taobh a-muigh aig NHS nan Eilean Siar cuideachd le Bùird eile, gu sònraichte Bòrd NHS na Gàidhealtachd agus Bòrd NHS Mòr-sgìre Ghlaschu is Chluaidh, airson cùram a thoirt do luchd-còmhnaidh nan Eilean Siar.

 

Rè freagairt 2020 do ghalar lèir-sgaoilte Covid-19 anns na h-Eilean Siar, tha cho iomallach agus eadar-cheangailte ‘s a tha luchd-ùidh ionadail air a bhith na bhuannachd gus leigeil le Bòrd NHS nan Eilean Siar cumadh susbainteach a thoirt air a fhreagairt agus a sheirbheisean.

 

Bidh NHS Nan Eilean Siar ag obair gu gnìomhach le raon farsaing de luchd-ùidh a’ gabhail a-steach an t-Ùghdarras Ionadail agus buidhnean an Treas Roinne gus seirbheisean co-roinnte a lìbhrigeadh. Tha NHS Nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar nan com-pàirtichean ann an Co-bhòrd Amalachaidh, (IJB), a’ co-obrachadh gus seirbheis Slàinte is Cùraim co-leantaileach a thoirt seachad anns na h-eileanan.

Pàigheadh agus Inbhean Giùlain

Bhiodh dùil againn gum biodh cathraiche gin de na bùird againn a’ cumail ris na h-inbhean beusanta as àirde a thaobh ionracas agus treibhdhireas agus a’ cumail ri Còd Giùlan a’ Bhùird (ceanglaichean gu h-ìosal) a thig bho na naoi prionnsapalan beatha phoblaich a tha air an comharrachadh leis a’ Chomataidh air Inbhean ann am Beatha Phoblach (stèidhichte air Prionnsapalan Nolan).

  • Tuarastal bliadhnail (neo-pheinnseanach) – £30, 134
  • Còd Giùlain NHS nan Eilean Siar
  • 3 latha obrach san t-seachdain (sùbailte tron t-seachdain)
  • Mar as trice bidh coinneamhan bùird a’ tachairt aig Prìomh Oifis a’ Bhùird (an-dràsta gu biortail)
  • Coinneamhan mìosail gus pàirt a ghabhail ann an obair nàiseanta ann an Dùn Èideann
  • Airidh air Cosgaisean (stèidhichte air cuidhteas, gheibhear cosgaisean siubhail agus bith-beò, cùraim luchd-eisimeil, cùram-cloinne)
  • Mar as trice teirm 4-bliadhna